Ainmean-Àite na h-Alba

'S e Ainmean-Àite na h-Alba (no AÀA) an com-pàirteachadh nàiseanta airson comhairle a chumail air ainmean-àite Gàidhlig. 'S e a phrìomh rùn aontachadh dreachan ceart ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba airson mhapaichean, shanasan is cleachdadh coitcheann.[1]

Mu Ainmean-Àite na h-Alba

Bidh e a' cleachdadh eòlas nam buidhnean com-pàirteachaidh, eòlais ionadail agus thùsan eachdraidheil airson dreachan reachdail aontachadh air ainmean-àite Gàidhlig. Bithear a' leantainn chleachdaidhean litreachaidh stèidhichte a leithid Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig agus an stiùiridh a dheasaich sinn air ainmean-àite Gàidhlig.[1]

Chaidh an t-Ollamh Wilson MacLeòid na chathraiche AÀA ann an 2025 is e a' leantainn Ruaraidh Mac an t-Saoir à Uibhist a Deas.[2]

Suirbhidh Òrdanais agus Gàidhlig

Tha an Com-pàirteachadh air a bhith ag obair cuide ri Suirbhidh Òrdanais, comhairlean ionadail, ùghdarrasan rathaid is buidhnean poblach bho 2000, a' liubhairt ainmean Gàidhlig airson mhapaichean is shoidhnichean. Tha an Com-pàirteachadh a' steidheachadh clàr-àitean nàiseanta ainmean Gàidhlig mar a chaidh ainmeachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson fiosrachadh earbsach air ainmean-àite Gàidhlig a chur an cèill.[1]

Tùsan

  1. 1.0 1.1 1.2 Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) - Gaelic Place-names of Scotland”. Ainmean-Àite na h-Alba. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 31mh dhen Fhaoilleach 2025.
  2. Cathraiche ùr air Ainmean Àite na h-Alba”, Naidheachdan a' BhBC. 30mh dhen Fhaoilleach 2025. Air a thogail 31mh dhen Fhaoilleach 2025. 

Ceanglaichean a-muigh