Halle (Saale)
Halle (Saale)
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Halle (Saale) | ||||
Sgìre | Sagsainn-Anhalt | ||||
Co-chomharran | 51° 29 00' Tuath 11° 58′ 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 135.1 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 232,963 (2010) | ||||
Dlùths | 1,724.37/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)345 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.halle.de |
‘S e baile mòr ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann am Halle. Thathar a’ cleachdadh an ainm oifigeil Halle (Saale) neo Halle an der Saale (Halle air an Saale) o chionns gu bheil baile eile anns A' Ghearmailt air a bheil Halle. ‘S ann às an t-seann cheilteach Halen (Breatannais: Holen, Gàidhlig: Salann) a th’ann an t-ainm is bha na mèinnean salainn uabhasach cudromach dhan bhaile o chionn fhada. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 806. Tha e suidhichte aig 87m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Saale, anns an stàit Sagsainn-Anhalt agus ‘s e am baile as motha na stàite a th’ann cuideachd. Tha am baile 148km air falbh bho Bherlin, 78km bho Mhagdeburg, 131km bho Dresden agus dìreach 40km bho Leipzig.[1] ‘S e Kreisfreie Stadt neo baile neo-eisimeileachd a th’ ann agus chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1694.[2] Tha 232,963 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 32mh baile as motha na dùthcha.[3]
Eachdraidh
Bha an Còisir Stadtsingechor air dòigh ann an Halle ro 1185 mar thà.[4] Bha an baile na phàirt co-bhann mhalairt Hansa bho 1281. Bha e fo bhuaidh easbaigeach Mhagdeburg bhon an 10mh Linn gu ruige 1680, nuair a ghabh A’ Phrùis thairis an sgìre uile gu lèir. Bha Màrtainn Lutair an sàs anns an sgìre seo (fiù’s thug e ceum thall ann an Erfurt) aig àm an Ath-Leasachaidh, is ‘s e daoine à Halle, ris an canar na Daoine Chràbhach (Gearmailtis: Pietismus),[5]a steidhich an Eaglais Lutairianach anns na Stàitean Aonaichte. Thachair cath fuilteach ann an sràidean is ceàrnagan a’ bhaile ann an 1806 eadar feachdan na Frainge is Arm na Prùise, ri linn cogaidhean Ar-a-mach na Frainge. Dh’fhàs am baile a bhith gu math beairt tron mhalairt fad an 19mh Linn. Chaidh an taigh-gnìomhachas theòclaid ainmeil Halloren a stèidheachadh an seo ann an 1803 is tha e fhathast ann gus an latha an-diugh.[6] Chaidh Taigh Opara a thogail ann an 1886, ach rinn na plèanaichean cogaidh droch sgrios airsan ann an 1945.[7] Bha Halle na phrìomh-bhaile Sagsainn Anhalt an dèidh an Dàrna Cogaidh gu ruige 1952 nuair a bhrist an DDR a-mach à chèile na seann roinnean (Gearmailtis: Länder). Bha na taighean-gnìomhachas ceimigeach, mar Buna agus Leuna, uabhasach làidir ann an Halle ri linn nan Comunnach ach chaidh iad à bhith an dèidh 1989.[8]
Daoine ainmeil
- Samuel Scheidt (1587 – 1654) Ceòladair.
- Georg Friedrich Händel (1685 – 1759) Ceòl-sgrìobhaiche.
- Friedrich Hoffmann (1660 - 1742) Ceimigear.
- Reinhard Heydrich (1904 – 1942) Nàsach ainmeil.
- Fabian von Schlabrendorff (1907 – 1980) fear-lagha a shabaid an aghaidh nan Nàsach.
- Margot Honecker (1927-) Bean Eric Honecker, ministear riaghaltas an DDR.
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Oilthigh Halle
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Stadtsingechor
- ↑ New Advent
- ↑ Schokoladen Museum
- ↑ Bühnen Halle
- ↑ Abandoned Places
- ↑ Ville de Grenoble
- ↑ Stadt Hildesheim
- ↑ Stadt Linz