Hans Blix
Hans Blix | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||
1963 - 1976
18 dhen Dàmhair 1978 - 12 dhen Dàmhair 1979 ← Karin Söder (en) ![]()
1 dhen Dùbhlachd 1981 - 30 dhen t-Samhain 1997 ← Sigvard Arne Eklund (en) ![]() ![]() | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Uppsala, 28 dhen Ògmhios 1928 | ||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Gunnar Blix | ||||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Oilthigh Uppsala Oilthigh Stockholm Oilthigh Cholumbia Talla na Trianaide | ||||||
Àrd-fhoghlam |
Candidate of Law (en) ![]() Dotair Feallsanachd Doctor of Laws (en) ![]() | ||||||
Cànain | Suainis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, lagh-eòlaiche, dioplomat agus seirbheiseach catharra | ||||||
Fastaichean | Na Dùthchannan Aonaichte | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Ballrachd | Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan Cogaidh | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach nan Daoine | ||||||
IMDb | nm1556284 |
'S e neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach às an t-Suain a th' ann an Hans Martin Blix (Uppsala, 28 an t-Ògmhios 1928).[1] Tha e air a bhith ag iomairt ann am poileataigs fad a bheatha mar bhall nan Liberalerna (a tha a' gabhail ri Libearalas) an dà chuid san t-Suain agus thall thairis cuideachd. Chaidh e gu Oilthigh Uppsala agus Oilthigh Cholumbia agus fhuair e dotaireachd à Oilthigh Chambridge.[2] Fhuair e dotaireachd ann an lagh à Oilthigh Stockholm ann an 1959 cuideachd.[3] B' ann à Jämtland a bha an teaghlach Blix o chion fhada. Bha athair na cheimigear agus b' e ollamh a bh' ann a sheanair.
Bho 1962 gu ruige 1978, riochdaicheadh e An t-Suain aig co-labhairtean dì-armachaidh ann an Geneva. Bha e na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin (Suainis: utrikesminister) airson nan Libearalach fad bliadhna eadar 1978 agus 1979 agus b' e esan fhèin a bha os cionn na h-iomairt san dùthaich airson cumhachd niùclasach a chumail, ann an 1980.[4] Fhuair e dreuchd mar cheannard na Buidhne Eadar-nàiseanta airson Chumhachd Niùclasach ann an 1981, far an robh e gus a leig e a dhreuchd dheth ann an 1997.[5] Nuair a bha Na Stàitean Aonaichte agus a chuid chaidreabhaich airson ionnsaigh a thoirt air Ioràc ann an 2003, thàinig e air ais. Bha na thuirt e an aghaidh argamaidean nan Stàitean gu math connspaideach, leis gu robh esan gan comhachadh.[6]