Krzysztof Penderecki
Krzysztof Penderecki | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Krzysztof Eugeniusz Penderecki |
Breith | Dębica (en) , 23 dhen t-Samhain 1933 |
Dùthaich | A' Phòlainn |
Bàs | Kraków, 29 dhen Mhàrt 2020 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra |
Teaghlach | |
Cèile | Elżbieta Penderecka (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Jagiellonian Academy of Music in Kraków (en) (1954 - 1958) |
Cànain |
Pòlainnis Beurla Gearmailtis Fraingis |
Luchd-teagaisg |
Stanisław Wiechowicz (en) Artur Malawski (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche, stiùiriche-ciùil, oide-eòlaiche, eòlaiche-ciùil, tidsear ciùil agus cluicheadair fìdheallain |
Àitichean-obrach | Kraków agus Warsaw |
Fastaichean | Oilthigh Yale |
Obraichean comharraichte |
Polish Requiem (en) Q1813637 Symphony No. 8 (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
Acadamh Ealain an GDR Acadamh nan Ealan, Berlin Acadamh Aimeireaganach nan Ealan is nan Litir Acadamh Eòrpach nan Saidheansan is nan Ealan Acadamh Phòlainneach an Ionnsachaidh Acadamh Bhavaria nan Ealan Fìnealta Union of Polish Composers (en) |
Gnè ealain |
opra simphnidh |
Inneal-ciùil |
fìdheallan piàno |
Taigh-clàraidh | EMI Classics (en) |
IMDb | nm0671678 |
krzysztofpenderecki.eu | |
B' e co-ghleusaiche às a' Phòlainn a bha ann an Krzysztof Penderecki. Bha e ainmeil airson Tuireadh Ìobairteach Hiroshima (1960).
Rugadh e ann an Dębica ann an 1933 is dh'ionnsaich e ceòl ann an Kraków. Dh'fhàs e ainmeil nuair an do choisinn e trì duaisean ann an co-fharpais Aonadh Co-ghleusaichean na Pòlainne ann an 1958. Sgrìobh e ochd simphnidhean is ceithir oparan. B' e Devils of Loudun ('Diabhlan Loudun', 1969) a bha stèidhichte air leabhar le Aldous Huxley a bh' anns a' chiad opara aige. Sgrìobh e cuideachd Pàis Naoimh Lùcais ann an 1966 is Requiem ann an 1988. Chaochail e ann an 2020.[1]
Bha buaidh mhòr aige anns an saoghal film is chaidh a cheòl a chleachdadh ann am filmichean mar The Exorcist (1973), The Shining (1980) is Children of Men (2003). Cho-obraich e cuideachd le co-ghleusaiche Breatannach is ceòladair roc Jonny Greenwood.[2]
Iomraidhean
- ↑ Potter, Keith: “Krzysztof Penderecki obituary”, The Guardian. 29mh dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2020.
- ↑ Doran, John: “Krzysztof Penderecki”, The Quietus. 29mh dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2020.