Lund
Lund
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Skåne | ||||
Sgìre | Skåne län | ||||
Co-chomharran | 55° 42 00' Tuath 13° 12 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 25.75 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 82,800 (2010) | ||||
Dlùths | 3,215.53/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 46) 35 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile[1] mòr air an àirde an iar-dheas na Suaine a th'ann an Lund (IPA: lɵnd, Liotuànais: Lundas, Laideann: Lunda). Tha e suidhichte air faisg air Malmö, aig 51m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Suainis: län) Skåne,[3] 497km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 531km bho Uppsala, 236km bho Göteborg, 49km bho Helsingborg, agus 1,215km bho Bhoden.[4] Tha 82,800 duine a' fuireach anns a'bhaile fhèin agus 112,950 san sgìre air fad.[5] 'S e an 11mh baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.[6]
Freumhan an Ainm
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à lundr (Gàidhlig: coille) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[7]
Eachdraidh
Thathar dhen bheachd gun do stèidheachadh Lund mu 990 agus thogadh cathair-eaglaise an seo bho 1090 gu 1145.[8] A bharrachd air sin, chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1666, am fear as motha ann an Lochlann air fad gus ar làithean.[9]Chaochail an cànanaiche Nils Holmer - a bha na oileanach agus na ollamh aig Oilthigh Lund - an seo ann an 1994.
Daoine Ainmeil
Bailtean co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Svensk Geografi
- ↑ Mongabay
- ↑ Nationalencyklopedin
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Statistika Centralbyrån
- ↑ Tageo
- ↑ Runeberg
- ↑ Lunds Domkyrka
- ↑ Lunds Universitet
- ↑ IMDB
- ↑ Câmara Municipal de Coimbra