Lyon

Lyon
Faidhle:Blason ville fr Lyon (Rhone).svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Rhône-Alpes
Sgìre Rhône
Co-chomharran 45° 45 35' Tuath
04° 50 32′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 47.87 km²
Àireamh-shluaigh 474,946 (2008)
Dlùths 9,921.58/km²
Àireamh fòn +33 56
Duilleag oifigeil http://www.lyon.fr

'S e baile mòr eachdraidheil air àirde an ear-mheadhan na Frainge a th’ ann an Lyon (IPA: ljɔ̃, Arpentan: Liyon, Eadailtis: Lione). 'S ann às a’ Ghallais Lugodunum (Gàidhlig: Dùn Lugh) a tha an t-ainm. Tha e suidhichte aig 175m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne (Fraingis: Rivière) Rhône, anns an roinn (Fraingis: Département) Rhône. Tha am baile 395km air falbh bho Pharis (Prìomh-bhaile na dùthcha), 294km bho Bhordeaux, 276km bho Mharseille agus 559km bho Lille.[2] Tha 474,946 duine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 43 Ro Chrìosd le Lucius Munatius Plancus. 'S e an treas baile as motha sna dùthaich a th’ ann an Lyon.[4] Chaochail an Ceimigear Victor Grignard an seo ann an 1935.

Daoine ainmeil

  • Tiberius Claudius Caesar Augustus Germanicus (1054): Ìmpire Ròmanach.
  • Caralla (188217): Ìmpire Ròmanach.
  • Antoine de Saint-Exupéry (19001944): Sgrìobhadair agus paidhleat.
  • Jean Michel Jarre (1948): Ceòladair.
  • Sylvie Testud (1971): Actair

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. INSEETeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Bailtean na CruinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Coopération Lyon Beer-Sheva (Israël), Relations Internationales(Fraingis). La Métropole de Lyon. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2016.
  6. City of Birmingham
  7. 广州市
  8. Cidade de Curitiba
  9. Stadt Frankfurt
  10. Città di Milano
  11. City of St. Louis

Ceanglaichean a-mach