Teàrlach V, Iompaire Naomh Ròmanach
Teàrlach V, Iompaire Naomh Ròmanach | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||||||
1516 - 26 dhen Fhaoilleach 1556 ← Philip I Castilla - Philip II of Spain (en) ![]()
2 dhen Ghearran 1516 - 16 dhen Fhaoilleach 1556 ← Ferdinand II of Aragon (en) ![]() ![]()
2 dhen Ghearran 1516 - 16 dhen Fhaoilleach 1556
1519 - 26 dhen Fhaoilleach 1556 ← Maximilian I, Impire Naomh na Ròimhe - Ferdinand I, Holy Roman Emperor (en) ![]() | |||||||||||
Beatha | |||||||||||
Breith | Gent, 24 dhen Ghearran 1500 | ||||||||||
Dùthaich | Ìmpireachd Naomh na Ròimhe | ||||||||||
Ciad chànan | Fraingis | ||||||||||
Bàs |
Yuste (en) ![]() | ||||||||||
Àite-adhlacaidh |
Royal Crypt of the Royal Monastery of San Lorenzo de El Escorial (en) ![]() | ||||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Mailèiria) | ||||||||||
Teaghlach | |||||||||||
Athair | Philip I Castilla | ||||||||||
Màthair | Joanna à Castilla | ||||||||||
Cèile | Isabella na Portagail (11 dhen Mhàrt 1526 (Gregorian) - 1 dhen Chèitean 1539) | ||||||||||
Càraid |
Johanna Maria van der Gheynst (en) ![]() Barbara Blomberg (en) ![]() | ||||||||||
Clann | |||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||||||||
Fine |
Taigh Habsburg san Spàinn Taigh Habsburg | ||||||||||
Foghlam | |||||||||||
Cànain |
Spàinntis Fraingis Gearmailtis Eadailtis Laideann | ||||||||||
Dreuchd | |||||||||||
Dreuchd | monarc | ||||||||||
Com-pàirtiche
| |||||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||||
Creideamh | |||||||||||
Creideamh | Eaglais Chaitligeach | ||||||||||
![]() |
B' e Ìompaire Naomh Ròmanach eadar 1530 is 1558 a bha ann an Teàrlach V (Gent, 24 an Gearran 1500 – Cuacos de Yuste, An Spàinn, 21 an t-Sultain 1558).[1] 'S e Teàrlach I na Spàinne (Spàinntis: Carlos I de España) an t-ainm an tugadh airsan anns an Spàinn fhèin. 'S e mac Felipe agus Juana agus ogha Ferdinand II na h-Aragon agus Isabella I na Castilla a bh' ann (ri taobh a mhàthar). Dh'oighrich e na Tìrean Ìsle ann an 1506 agus chaidh e na riaghladair na Castilla agus na h-Aragon ann an 1516. Bhuannaich e an taghadh airson Ìompaire Naomh Ròmanach ann an 1519 an aghaidh François I na Frainge agus shabaid e ceithir cogaidhean an aghaidh na Frainge gu ruige 1544 nuair a shoidhnich iad an Cumhnant Crépy. Ghairm e a' Mhòr-dhàil Worms, a dhìt Màrtainn Lùtair, ann an 1521, a' Mhòr-dhàil Speyer ann an 1529 agus a' Mhòr-dhàil Augsburg ann an 1530. Shabaid e an aghaidh na Lùtairich eadar 1547 agus 1555, nuair a shoidhnich iad an Cumhnant Augsburg. Leig e a dhreuchd suas ann an 1556 is dh'imrich e do mhanachainn ann an Yuste, an Spàinne, far an do chaochail e ann an 1558.[2]
Tiotalan eile
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/7/7a/Habsburg_Map_1547.jpg/220px-Habsburg_Map_1547.jpg)
- Rìgh nan Burgaindianach (1506–1555)
- Rìgh na Spàinne agus Crùn na Castilla (1516–1556)
- Rìgh Napoli agus Sisilea (1516–1554)
- Àrd-diùc na h-Ostaire (1519–1521)
- Rìgh na Gearmailte (1519–1558)
Iomraidhean
- ↑ Carlos V
- ↑ “Charles of Habsburg. Brief biography”. Itinera Carolus V Imperator. Comhairle na h-Eòrpa. Air a thogail 24mh dhen Ghearran 2019.