Valencia (provincia)
València
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | València | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10,806 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,578,719 (2014) | ||||
Dlùths | 238.64/km² | ||||
Àireamh fòn | + (96) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an València (IPA: vaˈlensia, Spàinntis: Valencia). Tha e na laighe ann an Co-chomann València, air an àirde an ear na dùthcha. 'S e Castelló de la Plana a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh València i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh València fad 10,806km²[3] agus tha 2,578,719 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 20mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an treas tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Cuenca, Castelló, Teruel, agus Alacant.[5] 'S e Spàinntis, Catalanais a tha gam bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Valentia Edetanorum, (IPA: waˈlentia, Gàidhlig: Gaisge) ann an Laideann a th' ann an t-ainm air sàilleabh gun tug an sgìre gu seann shaighdearan arm nan Ròmanach anns an dàrna linn.[6] Chleachdadh an t-ainm بلنسية (Balansiyya) airson na sgìre[7] air fad agus مدينة التراب (Medina at-Turab) airson a’ bhaile ann an Arabais ro 1245 – ‘s e an abhainn Turia a shruthas tron bhaile fhèin. Chaidh fuaimneachadh an ainm atharrachadh fad na linn gu nàdarra gu baˈlenθja ann an Spàinntis – ged a thathar ga fhuaimneachadh ann an dòigh gu math dlùth air Laideann ann an Catalanais: w → b agus t → s. Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Cruinn-eòlas
Tha iadhtag ann, a bhuineas do València, ann an ceann a tuath na roinne far an tig Cuenca agus Teruel ri chèile. 'S e Racó d' Ademús an t-ainm a tha air.[8] Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Tha 2,605 duine a' fuireach ann. 'S Racó d' Ademús an iadhtag nas motha na Spàinne.
Iomraidhean
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Astin. E., The Cambridge Ancient History, Cambridge University Press, 1989, ISBN 978-0-521-23448-1.
- ↑ Las Provincias
- ↑ València Turisme