Harare

Harare
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Siombabue
Ceàrn Harare
Co-chomharran 17° 51′ 50″ Deas
31° 1′ 47″ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 872 km²
Àireamh-shluaigh 1,600,000 (2006)
Dlùths 1,834.86/km²

'S e prìomh-bhaile Shiombabue a tha ann an Harare (IPA: /həˈrɑri/). Anns a’ bhliadhna 2006 bha 1,600,000 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin agus mu 2,800,000 duine ann an fharsaingeachd a’ bhaile gu lèir. Anns a’ bhliadhna 1982, anns an dàrna bhliadhna neo-eisimeileachd Shiombabue, dh’atharraich iad ainm a’ bhaile bho Salisbury gu Harare. Canar gun tàinig an t-ainm Harare bhon rìgh Neharawa, ceannard sluagh cinnidheach Shona.

Tha Harare 397km air falbh bho Lusaka (Saimbia), 927km bho Gaborone (Botsuana), 921km bho Phretoria (Afraga a Deas), 1,549km bho Windhoek (Namibia), 517km bho Lilongwe (Malabhaidh), agus 920km bho Mhaputo (Mozambique).[1] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 1,481m os cionn ìre na mara.[2] Tha an t-oilthigh as cudthromaiche den dùthaich, an t-Oilthigh Shiombabue ann an Harare. Tha am port-adhair Harare International Airport faisg air a’ bhaile.

Bailtean Co-cheangailte

Dealbhan

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: