Bissau
Bissau
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Gini-Bissau | ||||
Ceàrn | Saor Baile | ||||
Co-chomharran | 11° 51 00' Tuath 15° 34 39' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 77 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 384,960 (2009) | ||||
Dlùths | 4,999.48/km² | ||||
Àireamh fòn | + |
'S e prìomh-bhaile Ghini-Bissau a tha ann am Bissau. Anns a’ bhliadhna 2004 bha 355,000 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin. Tha am baile suidhichte air bruach an Abhainn Geba faisg air a' Chuan Siar. 'S e seo an co-chomharran aige: 11°52' Tuath agus 15°36' Iar. 'S e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha Bissau 208km air falbh bho Bhanjul (A' Ghaimbia), 331km bho Chonakry (Gini), agus 375km bho Dhakar (Seanagal).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig ìre na mara.[2]Anns a’ bhliadhna 1687 chaidh Bissau a stèidheachadh leis a' Phortagail mar dùn agus àite-malairt. Bha e na prìomh-bhaile Portuguese Guinea ann an 1942 agus an uair sin aig Gini-Bissau nuair a d’fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd anns a’ bhliadhna 1974. Tha Bissau cliùiteach airson na h-àrd-fhèille aige.[3]
Daoine Ainmeil
- Luís Cabral: (1931 – 2009) A’ chiad ceann-suidhe na dùthcha.
- João Bernardo Vieira: (1939 – 2009) Neach-poileataigs.
- Veríssimo Correia Seabra: (1947 – 2004) Seanailear.
- José Carlos Schwarz: (1949 – 1977) Bàrd, Ceòladair.
Bailtean Co-cheangailte
Dealbhan
-
An Abhainn Geba, Bissau air a cùlaibh
-
Suidheachadh Bissau ann an Gini-Bissau
-
Sean thogalach
-
Càrn-cuimhne
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Mongabay
- ↑ Richard Andrew Lobban, Jr. agus Peter Karibe Mendy, Historical Dictionary of the Republic of Guinea-Bissau, 3rd ed. (Scarecrow Press, 1997, (ISBN 0-8108-3226-7) pp. 91-96
- ↑ Soberanía do Povo
- ↑ Lisboa Câmara Municipal
- ↑ Municípios de Portugal
- ↑ UCCLA
- ↑ Municípios de Portugal
Abuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé