Süleyman I
Süleyman I | |||
---|---|---|---|
10 dhen Dàmhair 1520 - 17 dhen t-Sultain 1566 ← Selim I - Selim II → | |||
Beatha | |||
Breith | Trabzon (en) , 6 dhen t-Samhain 1494 | ||
Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||
Àite-fuirich | Lùchairt Topkapı | ||
Bàs | Szigetvár, 6 dhen t-Sultain 1566 (Gregorian) | ||
Àite-adhlacaidh | Tomb of Suleiman the Magnificent (en) | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (dysentery (en) ) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Selim I | ||
Màthair | Ayşe Hafsa Sultan | ||
Cèile |
Gülfem Hatun (en) Fülane Hatun (en) Mahidevran Gülbahar Hatun (en) (1514 - 7 dhen t-Sultain 1566) Hürrem Sultan (en) (1531 (Gregorian) - 15 dhen Ghiblean 1558 (Gregorian)) | ||
Càraid |
Fülane Hatun (en) Gülfem Hatun (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
Foghlam | |||
Cànain | Turcais | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | bàrd, riaghladair, legislator (en) , ceannard airm agus neach-poileataigs | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Ioslam | ||
B' e deicheamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Süleyman I (far-ainm: Kanunî - 'a thug na laghan dhuinn', Muḥteşem - 'mìorbhaileach', Trabzon 6 an t-Samhain 1494–Zigetvar 6 an t-Sultain 1566).[1] B' e a' chiad mhac Selim I agus Hafsa Sultan a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1520 gus a chaochail e ann an 1566, mòran na b' fhaide na bha sultan no sultan eile sa dhreuchd a-riamh. Chuireadh gu Istanbul e ann an 1501, far an d'fhuair e a chuid fhoghlaim ann an saidheans, eachdraidh, Litreachas, diadhaireachd agus innleachdan cogaidh. B' e ar-a-mach ann am Baghdad a chuir sis a bh' anns a' chiad rud a rinn e. An Uair sin chuir e seachad bliadhnaichean a' toirt ionnsaigh air dùthchannan eile. Aig a' cheann thall chuir e Libia, An Ungair agus Moldàibhia ri na bha de cholonaidhean aig na Otomanaich mar-thà. Chaochail e ann an 1566 nuair a bha e 71 bliadhna a dh'aois is an t-arm aige a' cuartachadh Vienna. A bharrachd air sin, leasaich agus dh’ùraich e laghan na h-Impireachd cuideachd.